Welcome, Pjila'si, Fàilte, Bienvenue
Image: Placeholder

Isle Royale, 1744. N. Bellin. Map 711. Beaton Institute, Cape Breton University.

Tha sgeul dualchas ciùil Eilean Cheap Breatainn saidhbhir agus de iomadh gnè, agus tha i cur gu mòr ri cultar Chanada. Faodar eachdraidh Cheap Breatainn, coltach ri iomadh coimhearsnachd ann an Canada, a rannsachadh tro a dualchas ciùil sònraichte. Is e rùn an taisbeanaidh seo a bhith sealltainn beairteas na h-iomadachd agus na h-aonachd a thug ceòl, agus a tha e toirt fhathast, gu ar beatha.

An seo tha sinn a' toirt dhuibh eiseamplair air na th'ann an tasglann na h-Ionaid Pheutanaich de òrain is deilbh à coimhearsnachdan Mi'kmaq, Acaidianach, Gàidhlig is guail Eilean Cheap Breatainn. Tha gach aon de na dualchais òran sin làidir agus tha iad a' nochdadh iomadachd de sgeulachdan, cànain, seallaidhean cultarail, agus barrachd. Ge-ta, tha fianais ann gu bheil aonachd toinnte ris an iomadachd seo, tro bhith roinn nòsan, eòlas-tìre, sgeulaichean is seinneadairean, ceangal ris an fhearann, sgeulachdan mu in-imrich is strì, beul-aithris agus eachdraidh.

Tha còrr is 100 de chlàir shònraichte 's de iomadh cruth, agus nach cluinnear tric, air an tairgse còmhla ri stuth leasachaidh is foghlaim mar eachdraidh nan òran, na faclan agus ìomhaighean. Ann a bhith gleidheadh 's a' tabhann nan clàr tasglannach seo, tha sinn an dòchas gum brosnaich na h-òrain ginealaich de luchd-ciùil, luchd-cruinneachaidh, oileanaich, luchd-teagaisg agus luchd-ionnsachaidh fad-beatha anns na ginealaich ri teachd.

Aig a' cheann thall, cumaidh a bhith dèanamh an dualchas ciùil ri fhaighinn le ginealaich ri teachd an dualchas beò, agus bidh e mar eiseamplair do bhuidhnean eadar-dhealaichte air mar a gheibhear agus a ghleidhear aonadh tro cheòl.